Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu 'S toigh leam fhìn thu 's tu leam as bòidhche Blas na meala air do phògan Bidh mi gad chaoidh 'on a rinn thu seòladh Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu 'S fhada, 's fhada, 's gur fhad' air falbh thu Air long righ deòrs' le do chòta dearg ort 'S tric mo shùilean air an fhairge Flach a faicinn-sa fear do dhealbha Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu 'S fhada, 's fhada, gur fhad' a-muigh thu Gun fhios a ghaoil nach e 'n cuan a shluig thu Gur e 'n gaol le chèile thug sinn A dh'fhàg ad dheidh mi cho deurach duilich Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu Bha mi'n raoir ann am bruadar cadail 'S chunna mis' thu air bruaich mo leapa 'S nuair a dhùisg mi anns a' mhadainn Muir mhór nan tonn 's e gu trom cuir eadrainn Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu Their iad riumsa gu robh thu gòrach 'S gum biodh tu tric anns na taighean-òsda Nach robh stocainn is nach robh bròg ort 'S ciamar 'ghaoil, dh'fhaodainn do phòsadh Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu 'S truagh nach robh mi nam eun beag aotrom Mar an uiseag neo mar an fhaoilinn 'S mi gam shìobadh air feadh nan gaoithtean Gus a ruiginn far a bheil mo ghaol-sa Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu 'S toigh leam fhìn thu 's tu leam as bòidhche Blas na meala air do phògan Bidh mi gad chaoidh 'on a rinn thu seòladh Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu