Cadal Cha Dean Mi

Anna Murray

    Continues after the ad

    Cadal cha dean mi
    Sùgradh cha dean mise
    Nochd chan fhaigh mi tàmh
    's gun mo ghràdh a tighinn
    Cadal cha dean mi

    Chì mi, chì mi bhuam
    Chì mi luaidh mo chridhe
    Chì mi seachad suas
    Buaireadair nan nighean
    Cadal cha dean mi

    Chan ann dubh no ruadh
    A tha luaidh mo chridhe
    Ach gu dualach bàn
    Ailleagan nan gillean
    Cadal cha dean mi

    Continues after the ad

    Chiòbair thu le'd chù
    Sealgair thu le'd ghunna
    Maraiche nan tonn
    Chuireadh long bho h-uigheam
    Cadal cha dean mi

    Cha b'ann an taigh sùidh
    Bha mi'n dùil a bhithinn
    Ach an taigh geal ùr
    Cuir cùiteir ri uinneig
    Cadal cha dean mi

    Dhìrich mi'n càrn bàn
    Fhuair mi aite suidh ann
    Dh'fhaicinn rubha stòir
    Far'n do sheol do luingeas
    Cadal cha dean mi

    Shèid a ghaoith a thuath
    Nuas troimh'n chaolas chumhang
    Dhiult i tighinn mu'n cuairt
    's bhuail i air an rubha
    Cadal cha dean mi

    Bhuail i air an tràigh
    Far a fàs an duileasg
    Leum thu aiste, ghraidh
    's shàbhail thu iad uile
    Cadal cha dean mi

    Song details

    Composition:

    Did you see an error?

    Enviar revisão