Tha Mo Rùn

Anna Murray

Continues after the ad

Tha mo rùn air a' ghille
'Se mo dhùrachd gun tig thu
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar bheann

Oidhche shamhraidh dhomh 's mi'm ònar
Air mo ghaol sa ni mì òran
'S truagh a rìgh, nach robh mi pòsd
Aig òigear a' chùil dualaich

O gur e mo cheist an t-òigear
Fear chùil duinn 's an leadain bhòidhich
'S mi gu siubhladh leat thar m'eòlais
Ged tha'n còta ruadh ort

Continues after the ad

Ged tha blàth na bric 'ad aodann
Cha do lughdaich siod mo ghaol ort
'S mi gu siubhladh leat an saogh'l
Na'n saoilinn fhein do bhuannachd

Tha an nollaig tighinn as ùr oirnn
Ged a tha gur beag mo shùrd rith'
Am fear nach fhàgadh mi sa chùil
Air chùl nan garbh thonn uaine

Tha mo rùn air a' ghille
'Se mo dhùrachd gun tig thu
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar bheann

Song details

Composition:

Did you see an error?

Enviar revisão