Tir Nan Og

Anna Murray

    Continues after the ad

    Gàir nan tonn gur trom an nuallan
    Seirm am chluais do ghlòir
    Dàn nam beann gach allt is fuaran
    Siaradh nuas le'd cheol
    'S tù gach làtha gun tàmh mo bhuaireadh
    D'iargain bhuan gam leòn
    'S tù gach oidhche chaoich mo bhruadar
    Gu thìr nan òg

    Bàs neo bròn cha bheo nad loinn fhir
    Uir air foill 's air gò
    Sair sior òl do dheo 's do chaoimhneis
    Aoibhneas snàmh 's na neoil
    Reultan airde latha sa dh'oidhche
    Boillsgeadh seamh troimh cheò
    Teudan tlàtha fàs ad choilltean
    Gu thìr nan òg

    Continues after the ad

    Cùl nan tonn tha long mo bhruadair
    Fuaradh mar bu nòs
    Rùn an dàin a ghnàth ga gluasad
    Ciuin le luaths an eoin
    Iubraich bhàin na fàg mi'm thruaghan
    Taobh nan cuantan mòr
    Doimhne craidh is gràdh gam dhuanadh
    Gu tìr nan òg

    Song details

    Composition:

    Did you see an error?

    Enviar revisão