Cànan Nan Gàidheal

Coronatus

    Continúa después del anuncio

    Cha b'e sneachda 's an reóthadh bho thuath
    Cha b'e `n crannadh geur fuar bho `n ear
    Cha b'e `n t-uisge 's a'ghaillionn bho `n iar
    Ach an galair a bhlian bho `n deas
    Blàth, duilleach, stoc, agus freumh
    Cànan mo threubh 's mo shluaidh

    Thig thugainn, thig cò'ruim gu siar
    Gus an cluinn sinn ann cánan nam Féinn
    Thig thugainn, thig cò'ruím gu siar
    Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gáidheal

    Continúa después del anuncio

    Nuair chithear fear-féilidh'sa ghleann
    Bu chinnteach gur Gáidhlig a' chainnt
    Nuair a spion iad a threumh as an fhonn
    `N àite Gàldhlig tha cánan a ghoill
    `S a Ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn
    `S tir mhajors is cholonels `n diugh innt'

    Thoir a nuas dhuinn na coinnleirean òr
    'S annt caraibh na coinnlean geal cèir
    Lasaibh suas iad an seòmair a'bhròin
    Tigh-aire seann chànan a' Ghàidheil
    'Se siud o chionn fhad' thuirt an námh
    Ach fhathast tha beò cànan a' Gàidheal

    Ged theich i le beath' às na glinn
    Ged na cluinnear a-nis muigh i's an Dùn
    O Dhùthaich MhicAoidh, fada tuath
    Gu an ruig thu Druim-Uachdar nam bò
    Gidheadh, anns na n-Eileanan Siar
    'Si fhathast ann ciad chàinnt an t'sloigh

    Información de la canción

    Composición: Murdo MacFarlane, Murchadh MacPharlain y Bard Mealbhoist

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión