Thig Tri Nithean Gun Iarraidh

Flora MacNeil

    Continúa después del anuncio

    Thig trì nithean gun iarraidh
    An t-eagal, an t-eudach, 's an gaol
    'S gur beag a' chùis mhasluidh
    Ged ghlacadh leo mis' air a h-aon
    'S a liuthad bean uasal
    A fhuaradh 'sa chiont an robh mi
    A thug a gaol fuadain
    Air ro bheagan duaise 'ga cheann

    Air faillirinn, illirinn
    Uillirinn ho ro 's mi caoidh
    'S cruaidh fhortan gun fhios
    A chur mise fo chuing do ghaoil

    Continúa después del anuncio

    Fhir a dhìreas am bealach
    Beir soiridh don ghleannan fo thuath
    Is innis do m'leannan
    Gur maireann mo ghaol 's gur buan
    Fear eile cha ghabh mi
    'S chan fhuiling mi idir a luaidh
    Gus an dean thu, ghaoil, m'àicheadh
    Cha chreid mi o chàch gur fuath

    Nam faicinn thu tighinn
    Is fios dhomh gur tusa bhiodh ann
    Gun éireadh mo chridhe
    Mar aiteal na gréin' thar nam beann
    'S gun tugainn mo bhriathar
    Gach gaoisde tha liath na mo cheann
    Gum fàsadh iad buidhe
    Mar dhithein am bruthach nan allt

    Mur tig thu fhéin tuilleadh
    Gur aithne dhomh mhalairt a th'ann
    Nach eil mi cho beartach
    Ri cailin an achaidh ud thall
    Cha tugainn mo mhisneach
    Mo ghliocas, 'is grinneas mo làimh
    Air buaile crodh ballach
    'Is cailin gun iùil 'na ceann

    Información de la canción

    Composición:

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión