An Ataireachd Ard

Ishbel MacAskill

    Continúa después del anuncio

    An ataireachd bhuan
    Cluinn fuaim na h-ataireachd àird
    Tha torunn a'chuain
    Mar chualas leams' e nam phàisd
    Gun mhùthadh, gun truas
    A'sluaisreadh gainneamh na tràghad
    An ataireachd bhuan
    Cluinn fuaim na h-ataireachd àird

    Seileach is luachair
    Cluaran, muran is stàrr
    Air tachdadh nam fuaran
    'S an d'fhuair mi iomadh deoch-phàitht'
    Na tobhtaichean fuar
    Le bualan 's cuiseag gu'm bàrr
    'S an deanntagach ruadh
    Fàs suas 's a' chagailt bha blàth

    Continúa después del anuncio

    'S na coilltean tha siar
    Chan iarrainn fuireach gu brath
    Bha m'inntinn 's mo mhiann
    A-riamh air lagan a' bhàigh
    Ach iadsan bha fial
    An gnìomh, an caidreamh, 's an àgh
    Air sgapadh gun dìon
    Mar thriallas ealtainn ro nàmh

    Ach siùibhlidh mi uat
    Cha ghluais mi tuilleadh nad dhàil
    Tha m'aois is mo shnuadh
    Toirt luaidh air giorrad mo latha
    'S an àm dhomh bhith suaint'
    Am fuachd 's an cadal a' bhàis
    Mo leabaidh dèan suas
    Ri fuaim na h-ataireachd àird

    Información de la canción

    Composición:

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión