An Innis Aigh

Ishbel MacAskill

    Continúa después del anuncio

    Seinn an duan seo dhan innis àigh
    An innis uaine as gile tràigh
    Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris
    Ach se mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh

    Càit' as tràith an tig samhradh caomh
    Càit' as tràith an tig blàth air craobh
    Càit' as bòidhche 's an seinn an smeòrach
    Air bhàrr nan ògan 's an innis àigh

    Continúa después del anuncio

    An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh
    Is ann ma chrìochan is miann leis tàmh
    Bidh gillean easgaidh le dorgh is lìontan
    Moch, moch ga iarriadh mun innis àigh

    'S ged thèid mi cuairt chun an taoibh ud thall
    'S mi 'n dùil air uairibh gu fan mi ann
    Tha tàladh uaigneach le teas nach fuairich
    Gam tharraing buan don innis àigh

    O 's geàrr an ùine gu'n teirig latha
    Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh
    Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach
    Mo bhios mo chluasag 's an innis àigh

    Información de la canción

    Composición:

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión