Cifra Club

Thig An Smeòrach As t-Earrach

Ishbel MacAskill

Aún no tenemos el cifrado de esta canción.

Thig an smeòrach a's t-Earrach
Thig a' chuthag 's a'Chèitinn
Bi gach eun anns a'choille
Cumail coinneamh le chèile
Seinn ciùil air bhàrr chrannaibh
'S air bharraibh nan geugan
Agus mise 's mo leannan
Dol na's fhaide bho chèile

Tha mo chion air fhleasgach
Dhonn leadanach bhòidheach
Dhe'n a chinneadh nach strìochdadh
'S e de dh'fhìor fhuil Chlann Dòmhnaill
'S mòr gum b'fhèarr dhomh bhi agad
Le beagan de stòras
Na le buaile chrodh ballach
Agus balach nach b'eòlach

Comhairl' bherinns' air caileig
Gun bhith amaideach gòrach
Gun i thoirt a gaol falaich
Do bhalach nach b'eòlach
Bi e briathrach ri tighinn
'S bi a chridhe na ròidean
'S bi a shùil as a dheidhidh
Ach cò a roghainn a's bòidhche

Otros videos de esta canción

    Afinación de cifrado

    Afinador online

    OK