Nam Aonar Le Mo Smaointean

James Graham

    Continúa después del anuncio

    Nam aonar le mo smaointean
    'S a ghaoth tigh'nn bho thuath
    Grian oir bhuidh' mar ghriasaich
    Cuir tèine air cuan
    Na caoraich solt' cho sàmhach
    Le'n àl 'sa chnoc mhòr
    Ciaradh feasgar cur a glòir
    Air faileas dubh le òr

    Ma chlaoidh sinne nàmhaid
    An dràsd' faic prìs buaidh
    Cridhe màthair cràidhte
    'S na gillean san uaigh
    Cha dean cliù na onair
    Treòbhadh dhuinn no buain
    Cianail falamh sìth a bhàis
    Cha till na fir chaidh uainn

    Continúa después del anuncio

    Aig uaigh fhuar mhic a' phearsain
    'S an sneachd air peighinn phuir
    Chluich a' phìob port tuiridh
    Am peilear bhrag cruaidh
    An cogadh faoin na falklands
    Thuit gòrsdan ro òg
    'N uiridh balach 's an sgaoil àrd
    An diugh a bhàs ar leòn

    A' ghrian tha dol sios oirnne
    Air prairie cur blàths
    Oidhche tha gar dùnadh
    Dùsgadh do chàch
    Air feasgair dorch ar cùrsa
    Fèill dùsgadh là mòr
    Ciaradh madainn cur a glòir
    Air failleas dubh le òr

    Información de la canción

    Composición:

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión