Laoidh Fhearchair Eoghainn

Karen Matheson

    Continúa después del anuncio

    S iomadh fear bòidheach,
    's an fhraing air a' chòmhnard,
    Tha'n am parantan brònach
    Agus leòinte air an sgàth,
    Nach fhaic iad ri' m beò iad
    Gun cruinneachar iad còmhla,
    ' bi fearchar beag eòghainn
    's an dròbh a-measg chàich.

    Gur mòr a bha dhùil àm,
    Ri'd fhaicinn 's an dùthaich,
    Is gàire air do ghnùis,
    On dh'fhairich thu cùisean-
    Nach tig thu gam ionnsaigh
    Bhon dh'fhàillig a' chùis ort,
    Mo bheannachd a-null
    Dhan an ùir is bheil thu cnàmh.

    'se dh'fhàg mi cho cianail,
    Bhi cuimhneachadh d'iomhaigh,
    Do ghruaidhean bha brèagha,
    Agus sgiamhach le càch,
    Nach fhaic mi gu siorraidh
    Air sàilleabh an dìocail,
    Am mòr-fhear 'gar h-iarraidh
    Chuir ceudan gu bàs.

    Continúa después del anuncio

    Ach sguiridh an càisear,
    Dha innleachdan gleusda
    Tha balaich 'na dhèidh,
    Chuireas e ann an sàs.
    Nuair shuidheas na treumhan,
    's an cinn chuir ri chèile,
    Bi litir 's a' phàipear,
    'ga leughadh ma bhàs.

    Ged dh' fhàg iad an dhiochuimhn',
    Gun fhios dè bu chrìoch dhut,
    Chan fhàgar le dia thu,
    Nuair dh'iarrar thu n'àird,
    Gun èirich le iomhaigh,
    Mar chunna' mi riamh thu,
    Bidh do nàimhdean le fiamh,
    A' toir fianais mu'd bhàs.

    Na bithinn-sa dlùth dhut
    Nuair thàrr iad 'gad ionnsaigh
    Le gunna nach dùbailt,
    Is e ùr na mo làmh,
    Bhiodh preasadh air fùdar,
    Fo bheugaileid rùisgte,
    Mas faicinn thu rùin,
    Is do chùl ris an làr.

    Información de la canción

    Composición:

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión