Fagail Bhornais

Mairi MacInnes

    Continues after the ad

    Gur mi bha gorach a fagail bhornais
    An t-aite is boidhche leam tha fo'n ghrein
    Ged tha clach ri faotainn is geugan fraoich ann
    Tha talamh maoth ann is e farsainn reidh
    A chruit is breagha air an dealraich grian ann
    Is loch an iasgar 's I shios fo ceann
    Am breac cho lionmhor a dol dh'an lion ann
    'S gach gne de dh'eunlaith mu'n chladach thall

    Gur ann di domhnaich a dh'fhag mi bornais
    Bha mi'nntinn bronach 's mi sileadh dheur
    Mi fhin 's mo phaisdean cuir cul ri'r n-ardaich
    Far am faighte tamh agus cadal reidh
    'Sann tha mi'n drasda ag iomall fasaich
    'S tha m'inntinn craiteach 's cha dean e feum
    Gur bochd an saoghal mar ni e caochladh
    'S tha mis na m'onar an seo leam fhein

    Continues after the ad

    Gur sinn bhiodh sunndach aig am bliadhn' ura
    A deanamh sugradh le na gilean og
    Mi fhin 'smo chairdean gu cridheil baidheil
    Ag ol deoch shlainteachan dhaoin' tha coir
    'S an eilean uasal gu'n teas gu'n fhuachd ann
    Ach gaoth a tuath nach dean coire mhor
    Gu'n caidlinn suaineach an lagan luachrach
    Gu's an duisginn suas anns a mhaduinn oig

    Ceud soraidh slan leis an eilean aluinn
    Far an d'fhuair mi m'arach 'nuair a bha mi og
    Bidh crodh is caoirich air feadh na'n raointean
    Air bheagan saoithair do dhaoin' tha beo
    Bi biadh is aodach gu paillt ann daonnan
    Gur sona daoin a bhitheas ann ri'm beo
    Se a bhith riasladh 'sa choille fhiadhaich
    Far bheil a ghrian 'si a losgadh m'fheoil

    Song details

    Composition:

    Did you see an error?

    Enviar revisão