Oran Uibhist

Mairi MacInnes

    Continúa después del anuncio

    O's gur tursach, tursach mi
    Nam bitheadh mo dhuil ri triall
    A Uidhist nam beann arda
    'Sann thugad tha mo mhiann
    Gur og a fhuair mi m'arach ann
    Nam phaisde beag gun chiall
    Is boidheach leam do thraghannan
    Is gair a' Chuain an Iar

    'S nuair theid mi chun a' mhachaire
    Air feasgar samhraidh ciuin
    'Sna neoineanan cho cubhraidh
    'San suilean duint' fon driuchd
    Nuair a sheallain ri Loch Hallain
    'Sna bric ri traigh a' leum
    Bu phaillt an eala bhan ann
    'S na h-eoin a' snamh na deidh

    Continúa después del anuncio

    'S nuair dhireas mi Cnoc Hallain
    'S a sheallas mi mun cuairt
    Mo chompanaich 's mo chairdean
    S cuid dhuibh a' cnamh san uaigh
    Nuair shuidhinn air a gharradh
    'S mi coimhead far na bruaich
    Mi smaointean air an t-saoghal
    'Sna daoine gan toirt bhuainn

    'S their mise 'n clui do Dhalabrog
    'Sna bheil ann sean is og
    Ged's iomadh ait' dhen t-saoghal
    Sam faodainn-sa bhith beo
    Gur ann bu tric a bhuach'llich mi
    An spreidh ri bruaich nan lon
    S na laoigh bheag' air theadhraichean
    A'leum air cheann nan rop

    Ach sgiuridh mi dhen oran seo
    'S dhem ghoraiche gun bhuaidh
    Thaobh's gu bheil an oig agam
    Cha choir dhomh bhith fo ghruam
    'S ged gheibhinn aois a liathadh mi
    'S a bheireadh dhiom a ghruag
    Cha leig mi chaoidh a dhoichuimhn'
    Uidhist ghrianach nan gleann uain'

    Información de la canción

    Composición:

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión