Iain Ghlinne Cuaich

Rachel Walker

    Continúa después del anuncio

    O, iain ghlinn cuaich
    Fear do choltais cha dual da fàs
    Do chùl bachlach nan dual
    'S e gu camlubach suas gu bhàrr
    'S I do phearsa dheas ghrinn
    A dh'fhàg mise cho tinn le gràdh
    'S nach eil cron ort ri inns'
    O mhullach do chinn gu d' shàil

    'S mór mo mhulad mun sgeul
    Seo tha 'n-diugh ann am beul gach neach
    'S e chuir m' acain cho geur
    Gura sgeul e nach fheud mi chleith
    Thoir an t-soraidh seo bhuam
    Dh'fhios an fhleasgaich as uaisle dreach
    A dh'fhàg aicead am thaobh
    Chuir saighead an aoig fo m'chneas

    Continúa después del anuncio

    Ach ged thug mi mo ghaol
    Air dhòigh is nach faod mi chleith
    Cha b' e gille bochd truagh
    Ris'n do tharraing mi suas mar fhear
    Ach am fiùran deas ùr
    A dhìreadh an stùc-bheinn chas
    Dhèanadh fuil air an driùchd
    Leis a' ghunna nach diùltadh srad

    Iain, iain a ghaoil
    Cuim a chuir thu mi faoin air chùl
    Gun chuimhn' air a ghaol
    A bha againn araon air tùs
    'S nach eil fear tha fon ghréin
    Dhan tug mi mo spéis ach thu
    Is cha tabhair ad dhéidh
    Gus an càirear mo chré san ùir?

    Ged a chinn thu rium fuar
    Bheil thu iain gun truas 's mi 'm chàs
    'S liuthad là agus chuir
    Thu 'n céill gum bu bhuan do ghràdh
    Ach ma chaochail mi bhuait
    'S gun do choisinn mi d'fhuath no d' fhearg
    Nis mo bheannachd ad dhéidh
    'S feuch an tagh thu dhut fhéin nas fhèarr

    Información de la canción

    Composición:

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión