Mo Chràdhghal Bochd

Rachel Walker

    Continúa después del anuncio

    Mo chràdhghal bochd
    Mar a tha mi nochd
    'S mi gun tàmh gun fhios gun sunnd
    Mo chràdhghal bochd
    Mar a tha mi nochd
    'S mi gun tàmh gun fhios gun sunnd

    Gun sùrd ri stàth
    Gun dùil ri bhith slàn
    Chaidh mo shùgradh gu bràth air chùl
    Gun sùrd ri stàth
    Gun dùil ri bhith slàn
    Chaidh mo shùgradh gu bràth air chùl

    Mu dheagh mhac ruairidh nan long
    Làmh a libhrigadh bhonn
    'S a bha measail air fonn luchd ciùil
    Mu dheagh mhac ruairidh nan long
    Làmh a libhrigadh bhonn
    'S a bha measail air fonn luchd ciùil

    'S e bhith smuaineachadh ort
    A chràidh mi am chorp
    Is a chnàmh na roisg bho m' shùil
    'S e bhith smuaineachadh ort
    A chràidh mi am chorp
    Is a chnàmh na roisg bho m' shùil

    Continúa después del anuncio

    Mi ri smuaintean bochd truagh
    Is ri iomradh baoth buan
    'S mi gad ionndrainn-sa bhuam, 's tu b'fhiù
    Mi ri smuaintean bochd truagh
    Is ri iomradh baoth buan
    'S mi gad ionndrainn-sa bhuam, 's tu b'fhiù

    Deagh shealgair am frìth
    Bha gun cheilg do thaigh rìgh
    Agus seirbheisach dileas crùin
    Deagh shealgair am frìth
    Bha gun cheilg do thaigh rìgh
    Agus seirbheisach dileas crùin

    Tha do chinneadh fo ghruaim
    'S gach aon fhine mun cuairt
    On là grinnicheadh d'uaigh sa chrùist
    Tha do chinneadh fo ghruaim
    'S gach aon fhine mun cuairt
    On là grinnicheadh d'uaigh sa chrùist

    Mun t-sàr ghaisgeach dheas threum
    Ann am batail nan ceud
    Cha bu lapach sàs leum ud thu
    Mun t-sàr ghaisgeach dheas threum
    Ann am batail nan ceud
    Cha bu lapach sàs leum ud thu

    Làmh churanta chruaidh
    Ann an iomairt 's gach buaidh
    Chan uarrainn domh d'uaisle, ruin
    Làmh churanta chruaidh
    Ann an iomairt 's gach buaidh
    Chan uarrainn domh d'uaisle, ruin

    Do thaigh talla fo ghruaim
    'S e gun aighear gun uaill
    Far'm bu mhinig a fhuair sinn cuirm
    Do thaigh talla fo ghruaim
    'S e gun aighear gun uaill
    Far'm bu mhinig a fhuair sinn cuirm

    Información de la canción

    Composición:

    ¿Los datos están equivocados?

    Enviar revisión