Cifra Club

An Deidh's Mo Mhealladh

Anna Murray

Aún no tenemos el cifrado de esta canción.

Sèist:
An dèidh's mo mhealladh rinn thu mo chràdh
An dèidh's mo mhealladh rinn thu mo chàradh
'S ann ga do mholadh bhios mi gu bràth

Och gur mise tha gu tùrsach
'S ann aig a' mheud 's a thug mi de rùn dhuit
'S mura h-abaich thu ri d' mhùirseadh
'S ann anns an ùir a bhios mise tàmh

Tha mi 'n dòchas nach soirbhich dia leat
A liuthad oidhche a thubairt thu rium na breugan
'S iomadh oidhche, ged bhitheadh an sian ann
A laigh thu sìos ri mo chliathaich bhlàth

Thig a-nis agus dùin mo shùilean
'S a' chiste chaoil le na saoir ga dhùnadh
Leig sìos anns an anairt ùr mi
'S ann anns an ùir a bhios mise tàmh

Otros videos de esta canción

    Afinación de cifrado

    Afinador online

    OK