Cifra Club

Tha Sinn A' Falbh

Margaret Stewart

Aún no tenemos los acordes de esta canción.

Tha sinn a' falbh, 's gum bith sinn a' falbh
'S an t-Sealbh a bhith ghar còmhnadh
Nuair thig an t-sìth a null on Fhraing
Gun taing gu faigh sinn fòrladh

'S bòidheach leam a' dol san ruaig sibh
'S buaidheach leam 'ur còmhdach
Boineid ghorm is ite peucaig
'S trom mo cheum on sheòl sinn

'S iomadh màthair tha gun mhac
Is piuthar tha gun bhràthair
Is nigheanag òg a tha gun leannan
On sheòl sinn thar sàile

'S tha na h-ighneagan fo mhulad
'S tha iad uile brònach
An liuthad saighdear bòidheach dearg
A dh'fhalbh a dh'arm Righ Seòras

'S fhir as coireach bhith ghar togail
'S bhith ghar cur an òrdugh
Nar fhada gum bi claidheamh cruadhach
Suas ri meall do sgòrnain

Otros videos de esta canción
    0 visualizaciones

    Afinación de los acordes

    Afinador en línea

    Ops (: Contenido disponible solo en portugués.
    OK