Cifra Club

Oran Na Raiders Bhatersaigh

Maggie MacInnes

Aún no tenemos el cifrado de esta canción.

Hù a hò gum b’eibhinn leum
A chluinntinn mar a dh’èirich dhuibh
’S a labhair thu ’n Dun-Eideann riu
Ratreut nach biodh nad champa

Tha Uilleam Baoid, gur h-airidh e
Air Beirgheaslom gu Caragraidh
An Goirtean Geal, ’s am Beannachan
Go leathad bruthach Hamstail

Tha Domhall Iain shios a sin
’S chan eil e doirbh a riarachadh
Gu fòghnadh an Uidh Riabhach dha
’S I math gu feurach ghamhna

Tha Eògan ann an Eòrasdal
O saoil sibh nach e Toraidh e?
’S mar bi e fo lagh Dhòmhaill
’S ann a bhòtas sinn ’n a Ghleann e

Tha todhar na Tràgh Tuath agaibh
A mach go Cala Shnuasamoil
’S tha Uidh Nistean fuaighte ris
’S an uaigh aig Mor nan Ceann ann

Tha ’n Caolas math gu bàrr agaibh
Tha stac air Port a Bhàt’ agaibh
’S gun cruadhaich sibh an gràn aige
’S an àthaidh a bh’aig Melvin

Hù a hò gum b’eibhinn leam

Otros videos de esta canción

    Afinación de cifrado

    Afinador online

    OK